Mòd 2019 Gaelic Culture Talks & Discussions: Lessons from Abroad
Fri 18 October 2019
Mod 2019 Gaelic Culture Talks and Discussion
Chaidh am buidheann ‘Misneachd’ a stèidheachadh a dh'aona-ghnothach a bhith ag àbhaisteachadh na Gàidhlig agus ag iomairt air a son agus airson a luchd-labhairt.
Bidh Misneachd ag iomairt airson còraichean cànain, airson Gàidhlig àbhaisteachadh agus a bhrosnachadh ann an Alba. Airson ar cànan a bhrosnachadh, feumaidh sinn a bhith ga dìon gu sgairteil agus a’ seasamh gu làidir an aghaidh aineolais is mì-rùn ‘sna Meadhanan agus ann am Beatha Phoblaich. Bidh sinn nar buidheann-strì airson impidh a thoirt air an fheadhainn a tha gar riochdachadh mar luchd-labhairt.
Bidh am buidheann fosgailte seo a’ feuchainn ri misneachd a thoirt do a h-uile duine ann an Alba a bhith pròiseil às a’ chànain againn. Is i cànan a tha bunaiteach a thaobh dearbh-aithne nàiseanta na h-Alba, bu chòir misneachd a bhith againn ga cleachdadh.
Bidh Misneachd ag àbhaisteachadh na Gàidhlig mar chànan beò ann an Alba. Bidh sinn a’ feuchainn ri tachartasan Gàidhlig a bhrosnachadh air feadh Alba, agus a’ brosnachadh barrachd Gàidhlig aig tachartasan a tha ann mar-thà. Tha sinne a’ creidsinn gu bheil seo uabhasach cudromach airson fileantaich agus luchd-ionnsachaidh, cothroman a bhith ann gus an sgilean Gàidhlig a leasachadh. Tha còraichean againn agus san t-saoghal ùr ioma-chultarach an latha an-diugh, chan eil e mì-mhodhail ar cànan a chleachdadh air beulaibh a’ mhòr-shluaigh.
Bidh an tachartas seo sa Ghaidhlig.
This event will be delivered in Gaelic and is aimed at Gaelic speakers.
Event Collection
Part of MOD 2019